•≈ mar a shiùbhlas am bàta, ≈•
•≈ mar a chunnaic iomadh bàrd e ≈•
•≈ eadar liunn is iargan, ≈•
•≈ 's fir eile a bha'n teanga fo fiacaill, ≈•
•≈ 's deòir a' dalladh - ≈•
•≈ dubhradh- neo-dhearbht is uinneagan a' fannadh. ≈•
•≈ Ach chan eil a' cheiste cho sìmplidh ≈•
•≈ don allmharach an comhair na bliadhna: ≈•
•≈ a-mach à tilleadh èiridh iargan ≈•
•≈ à roinn a chuir an saoghal an dìmeas. ≈•
•≈ Cuideachd, chan e siud m' eilean-s': ≈•
•≈ chaidh esan fodha o chionn fhada, ≈•
•≈ a' chuid mhòr dheth, ≈•
•≈ fo dheireas is ainneart; ≈•
•≈ 's na chaidh fodha annam fhìn dheth, ≈•
•≈ 'na ghrianan 'S cnoc eighre, ≈•
•≈ tha e a' seòladh na mara anns am bì mi ≈•
•≈ 'na phrìomh chomharr stiùiridh ≈•
•≈ cunnartach, do-sheachaint, gun fhaochadh. ≈•
•≈Freya alone≈•